susbaint

Càit a bheil iad a-nis?

Choinnich sinn ri cuid de na h-alumni againn gus faighinn a-mach...

An e alumni UHI  a th’ annaibh?

LEIGIBH FIOS DHUINN CÀIT A BHEIL SIBH

Scattered black plus signs
susbaint

Winfrida Mwongela

Dh'ionnsaich i airson:  BA (le Urram) Gnothachas agus Riaghladh le Riaghladh Ghoireasan Daonna

A-nis: Taic a thaobh trusadh luchd-obrach, Mercy Ships

"Is e a th’ ann am Mercy Ships buidheann neo-phrothaideach chruinneil a bhios a’ ruith ospadalan gluasadach anns na dùthchannan as bochda. Tha an dreuchd agam a’ toirt a-steach co-obrachadh leis an sgioba trusaidh chruinneil gus dèanamh cinnteach gum bi trusadh, gnàth-eòlas, trèanadh is a leithid air fad a’ dol gu h-òrdail do shaor-thoilich sa mhòr-chuid agus luchd-obrach."

Prìomh chlachan-mìle bho cheumnachadh gu ruige seo: "Dh’ionnsaich mi airson MSc ann an Riaghladh agus Leasachadh Ghoireasan Daonna Eadar-nàiseanta bho Sgoil Gnothachais Adam Smith aig Oilthigh Ghlaschu; cheumnaich mi le cliù. Tha mi cuideachd nam bhall com-pàirteach teisteanaichte den Institiud Cairte airson Sgiobachd is Leasachaidh (CIPD)."

A’ phuing a b’ àirde sa chùrsa-obrach agaibh: "Gun d’fhuair mi a’ chiad obair agam às deidh dhomh ceumnachadh le buidheann chruinneil ann an earrainn air an robh mi riamh measail."

Mianntan airson an ama ri teachd: "Tha mi am beachd mo PhD a dhèanamh."

Ciamar a chuidich ur cùrsa aig UHI sibh gus an do ràinig sibh far a bheil sibh: "Chruthaich e bunait làidir airson an MSc agam ann an R/LGD eadar-nàiseanta agus thug e tuigse dhomh air prionnsapalan bunaiteach RGD a dh’fhàg gun robh e na b’ fhasa RGD eadar-nàiseanta a thuigsinn."

An rud as fheàrr mu bhith ag ionnsachadh aig UHI: "Na h-oidean agus na h-òraidichean iongantach, leabharlann le deagh ghoireasan, agus a bhith nam riochdaire oileanaich fad trì bliadhna an dèidh a chèile; na duaisean a  bhuannachadh airson an riochdaire oileanaich a b’ fheàrr, an oileanaich bhrosnachail a b’ fheàrr, agus an oileanaich a b’ fheàrr san fharsaingeachd aig na duaisean airson an Luchd-Obrach is nan Oileanach Air Leth, As Fheàrr agus Brosnachail."

Winnie Mwongela in bright orange jacket
susbaint

Harsh Rajendra Raval

Cuspair stuidearachd: BEng (le Urram) ann an Innleadaireachd Charbadan-adhair

A-nis: Àrd-mhanaidsear, Prògram Càradh Itealain, United Airlines

Tha mi a’ stiùireadh sgioba de phroifeiseantaich a tha a’ dealbhadh, a’ piseachadh agus a’ dearcnachadh phrògraman càradh itealain tarsainn iomadh cabhlach. Bidh an obair agam a’ cothlamadh eòlas teicnigeach le innealan stèidhichte air dàta gus èifeachdas, earbsachd agus gèilleadh a leasachadh.

Cheumnaich mi bho UHI ann an 2014. An ath bhliadhna, thill mi do na h-Innseachan airson inntearnas le Air India, is mi a’ dèanamh treisean mun cuairt ann an Dealanachd-itealain, Uidheam-cumhachd, agus Earbsachd. Ann an 2016, chaidh mi a-steach do Air India làn-ùine san roinn Dealanachd-itealain, agus ann an 2017 ghluais mi gu United Airlines mar Mhion-sgrùdaire Coileanadh Cabhlaich. Fhuair mi àrdachadh nam Àrd-innleadair ann an 2019, nam Mhanaidsear - Prògraman Càraidh ann an 2022, agus nam Àrd-mhanaidsear ann an 2025.

Is e bàrr-phuing mo chùrsa-beatha gu ruige seo an t-àrdachadh a fhuair mi nam Àrd-mhanaidsear aig United Airlines, a tha a’ nochdadh mar a dh’fhàs mi bho inntearnach gu ceannardas aig companaidh-adhair chruinneil. A’ coimhead air adhart, tha mi an dòchas gun lean mi orm a’ dèanamh adhartas ann an ceannardas itealanachd, is mi a’ cumadh ro-innleachdan càraidh fad-ùineach agus a’ meantoradh an ath ghinealaich de phroifeiseantaich.

Thug mo chùrsa aig UHI bunait theicnigeach làidir dhomh a bharrachd air gnàth-eòlas practaigeach. Leis an àrainneachd ionnsachaidh eadarnàiseanta chaidh an comas atharrachaidh agus na sgilean conaltraidh agam a neartachadh, agus thug na clasaichean beaga, taiceil buaidh mhòr air mo mhisneachd.