Àrdachadh sgilean is ath-sgileadh na feachd-obrach

susbaint

"Tron oilthigh, tha barrachd smachd aig an sgìre air na tha roimhpe san àm ri teachd a thaobh an eaconamaidh is a’ chomainn-shòisealta, rud a bhios sònraichte cudromach a thaobh cuideachadh an ath-shlànachaidh aice an dèidh galar lèir-sgaoilte COVID-19."

Biggar Economics, Measadh Buaidhe Eaconamaich 2020

susbaint

Tha sinn an seo a thoirt taic do luchd-fastaidh is daoine fa leth air feadh na sgìre againn agus nas fhaide às, gu sònraichte ann a bhith a’ toirt freagairt air na dùbhlain làithreach agus na dùbhlain ri teachd a bheir buaidh air eaconamaidhean ionadail, nàiseanta is cruinneil. Tron chom-pàirteachas oilthigh againn, tha sinn ann an suidheachadh gun samhail a thoirt taic do dh’fheumalachdan àrdachadh sgilean, ath-sgilidh is ath-thrèanaidh na sgìre againn tro na leanas:

  • Cùrsaichean a tha ri am faotainn aig a h-uile h-ìre o inntrigeadh gu iar-cheum
  • Fuasglaidhean trèanaidh air am freagrachadh a rèir fheuman gnothachais sònraichte
  • Modhan-ionnsachaidh co-mheasgaichte a tha a’ co-cheangal nan coimhearsnachdan oileanaich againn o chionn barrachd is 20 bliadhna, a’ ceadachadh dòigh-liubhairt shùbailte, a fhreagairt air cuingealachaidhean làithreach àitichean obrach agus stiùireadh atharrachail o riaghaltas
  • A bhith ag obair le buidhnean sgìreil air cothroman maoineachaidh a tha fosgailte do luchd-fastaidh is daoine fa leth.

Bha sinn ag èisteachd ris na gnothachasan ionadail is sgìreil againn agus a’ cur fòcas an ullachaidh againn air a bhith a’ solar chothroman iomchaidh a thaobh trèanadh is leasachadh dreuchdail leantainneach (LDL) a chuireas taic cuideachd ri ath-shlànachadh eaconamach na sgìre.

susbaint

Tha sinn a’ tairgsinn caochladh de chùrsaichean pàirt-ùine eile aig a h-uile h-ìre air an dealbhadh do dhaoine a tha a’ rùrach cosnadh agus airson àrdachadh sgilean na feachd-obrach a th’ ann.

Rannsaichibh na cùrsaichean pàirt-ùine againn

Bidh an t-oilthigh cuideachd a’ toirt taic do dh’fharsaingeachd mhòr de:

Iarraibh fiosrachadh mu chùrsaichean trèanaidh agus fuasglaidhean gnothachais freagraichte a tha ri am faotainn tron àrainn ionadail agaibh:

Ceistean agaibh?

CUIRIBH FIOS AN-DIUGH