Ionnsachaidh air-loidhne
Dè th' ann an ionnsachadh air-loidhne?
Tha e a’ ciallachadh gun urrainn dhut ionnsachadh airson ceum barrantaichte aig an taigh, bhon obair no à àite eile!
Tha na ceumannan air-loidhne againn air an lìbhrigeadh gu tur air coimpiutair agus air an eadar-lìon, a’ cleachdadh an teicneòlais as ùire airson teagasg air-loidhne agus ioma-mheadhanan, a’ tabhann dhut sùbailteachd nad ionnsachadh air astar - ge be dè na feumalachdan agad agus ge be far a bheil thu san t-saoghal.
Ionnsaich air-loidhne leis na ceumannan air-loidhne barrantaichte againn agus bi nad phàirt de lìonra de dh’oileanaich a bhios ag ionnsachadh bhon taigh cuideachd, leis an àrainneachd ionnsachaidh mas-fhìor shònraichte againn. Tha na goireasan ionnsachaidh, an teagasg agus taic theicnigeach uile rim faotainn air-loidhne. Mar sin, chan fheum thu a bhith ann gu pearsanta airson a’ mhòr-chuid de na cùrsaichean againn. Faigh tuilleadh fiosrachaidh mun Àrainneachd Ionnsachaidh Mas-fhìor.
Ionnsachadh Air-loidhne leinnThe cost
- Cothrom air goireasan co-labhairt bhidio adhartach
- Cothrom air seirbheis leabharlainn ioma-sgìreil mhòr
- Taic theicnigeach 24 uairean
- Ceangal ri lìonra de dh’oileanaich eile an oilthigh
Innealan ionnsachaidh air-loidhne
A' chosgais
Sealladh bho oileanach
Ceumannan air-loidhne