Farpais Gnothachais UHI a’ comharrachadh 20 bliadhna is tagraidhean 2026 a’ fosgladh
Tha cuireadh aig feadhainn a tha ag iarraidh nan luchd-tionnsgain an smaoineasan gnothachais a chur a-steach, is Farpais Gnothachais UHI 2026 a’ fosgladh gu h-oifigeil airson thagraidhean.
Is e clach-mhìle mhòr a th’ ann am-bliadhna – an 20mh uair a tha a’ cho-fharpais ga ruith, co-fharpais a thug taic do dh’iomairt air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt bho chaidh a thòiseachadh ann an 2006. Fad fichead bliadhna, tha a’ cho-fharpais air 1,913 de thagraidhean a thàladh agus còrr is £120,000 a thoirt seachad ann am maoineachadh dhuaisean, còmhla ri meantorachd agus taic gnothachais speisealaichte.
Agus i fosgailte do gach uile h-oileanach air feadh chom-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) agus do dhuine sam bith aois 16 no nas sine a tha a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd, a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, Moireibh no Siorrachd Pheairt, tha an fharpais a’ brosnachadh ùr-ghnàthachadh bho gach uile slighe beatha.
Fo stiùir CREATE, Ionad Iomairt is Ùr-ghnàthachaidh UHI, bidh am prògram a’ cuideachadh chom-pàirtichean a bhith a’ toirt fàs air sgilean tionnsgaineach airson na-obrach, na beatha agus fèin-fhastadh. Tha maoin dhuaisean suas ri £8,500 ri a faighinn am-bliadhna, còmhla ri pasganan taic cunntasachd, laghail is teicneòlais, agus an cothrom a bhith a’ dèanamh tagradh ri sàr-eòlaichean gnothachais sa chuairt dheireannaich.
Tha feadhainn a bha sa chuairt dheireannaich roimhid a fhuair soirbheachadh nàiseanta, nam measg Christopher Kaan Caudwell, oileanach ann an UHI Peairt agus buannaiche Converge KickStart ann an 2025, a tha a chompanaidh ùr Gestura a’ cleachdadh AI gus cànan balbhanachd agus cainnt-bheòil eadar-theangachadh ann am fìor-àm.
Thuirt Christopher fhèin:
“Tro Fharpais Gnothachais UHI fhuair mi an creideas, am brosnachadh, an taic phractaigeach agus fìreanachadh mo smaoineis aig ìre thràth a rinn bonn-stèidh don chompanaidh agam. ’S ann an sin a thòisich Gestura a’ tighinn am bith, far an do thòisich a h-uile càil. ’S ann an sin a thionndaidh creideas gu gnìomh, agus chuidich an taic sin sinn gus aithneachadh nàiseanta fhaighinn aig Duaisean Converge 2025.”
Thuirt e cuideachd:
“Tha mi cuideachd a’ leantainn orm le mo chuid ionnsachaidh aig UHI Peairt, agus tha mi glè thaingeil a bhith fhathast nam phàirt de choimhearsnachd cho taiceil agus cho brosnachail.”
Thuirt Darlene Russell, Oifigear Iomlaid Eòlais, Ùr-ghnàthachaidh agus Tionnsgaineachd UHI:
“’S e tionnsgaineachd as bith-bhrìgh don eaconamaidh ionadail agus nàiseanta againn, agus cluichidh a’ cho-fharpais seo pàirt uile-cudromach ann a bhith a’ toirt deachdadh, brosnachadh agus taic do luchd-tionnsgain gealltanach agus iad a’ toirt fàs air an smaoineasan gnothachais. O chionn fichead bliadhna, tha i a’ leigeil ris nuadh-chruthachaidhean aig a bheil comas cumadh a thoirt air na tha ro Earra-Ghàidheal is Bòd, a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, Moireibh agus Siorrachd Pheairt san àm ri teachd.
"Tha sinn air leth moiteil às a’ chruthachalachd, an tàlant agus an diongmhaltas a bhios air a nochdadh le com-pàirtichean bliadhna às dèidh bliadhna, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ comharrachadh na cloiche-mìle seo còmhla riuthasan a bhios sa chuairt dheireannaich againn, ar com-pàirtichean agus ar coimhearsnachdan.
"Ma tha smaoineas agaibh – ge bith dè cho tràth – gabhaibh a’ chiad cheum sin agus cuiribh a-steach. ’S e àite taiceil a tha seo airson ur comasachd fhiosrachadh agus ur smaoineasan a thionndadh gu buaidh.”
Tha a’ cho-fharpais a’ faotainn taic o urrasairean fad-ùine agus ùra, a’ gabhail a-steach Comann nan Innleadairean is an Luchd-saidheans ann an Gnothachas a tha a’ tilleadh airson 2026:
“Tha sinn air leth toilichte taic a thoirt do 20mh Farpais Gnothachais UHI agus a bhith a’ brosnachadh an tàlaint theicnigich a tha a’ tighinn am bàrr air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Mhoireibh agus Shiorrachd Pheairt. Bidh ùr-ghnàthachadh a’ soirbheachadh nuair a thèid brosnachadh a thoirt do innleadairean agus luchd-saidheans a bhith iomairteach, agus tha sinn moiteil a bhith a’ cuideachadh le taic a thoirt dhaibhsan a bhios air ceann ghnothaichean san àm ri teachd.”
Thuirt Heidi Simpson, Stiùiriche Luathaiche Roinneil, Alba agus Ceann a Tuath Shasainn, Banca Rìoghail na h-Alba:
“Tha Banca Rìoghail na h-Alba toilichte taic a thoirt a-rithist do Cho-fharpais Ghnìomhachais UHI. Bidh luchd-tionnsgain a’ togail choimhearsnachdan agus eaconamaidhean ionadail nas làidire, agus tha sinn dealasach a thaobh taic a thoirt don ath ghinealach de luchd-stèidheachaidh ghnìomhachasan air feadh Alba.”
Bidh tagraidhean a’ dùnadh Diardaoin 26 Màrt 2026 aig meadhan-latha agus cuiridh an fheadhainn a bhios air an liosta dheireannach na smaoineasan aca air adhart ann an Inbhir Nis Diciadain 29 Giblean 2026.
Airson tuilleadh fiosrachaidh agus gus tagradh a dhèanamh, tadhlaibh air duilleag-lìn Fharpais Gnothachais UHI: www.uhi.ac.uk/businesscompetition