Rionnag glèidhteachais air ainmeachadh Oileanach na Bliadhna aig SAMS agus thar chàich aig UHI

Chaidh oileanach rannsachaidh aig a bheil obair a’ cuideachadh le bhith a’ dìon mucan-mara mionc far costa na h-Alba ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig SAMS agus Oileanach na Bliadhna thar-chàig aig UHI 2025.

see full size image
Tim Awbery

’S e Tim Awbery, 33, à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal, oileanach PhD sa bhliadhna mu dheireadh aige aig Comann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS), com-pàirtiche aig UHI, stèidhichte san Òban. Tha an rannsachadh aige ag amas air sgaoileadh mucan-mara mionc ann an uisgeachan na h-Alba agus na buaidhean a dh’ fhaodadh a bhith aig gnìomhachd dhaoine leithid iasgach agus trafaic mara.

Tha an obair modalaidh coimpiutair aige air fiosrachadh cudromach a thoirt seachad do phròiseactan leithid Caidreachas Amalaidh na h-Alba (SEA) a bhios ag obair le iasgairean chlèibh gus amalaidhean air mucan-mara agus beathaichean mara eile ann an Alba, a lùghdachadh.

’S e duais Oileanach na Bliadhna an t-urram as ùire a fhuair Tim, a tha air àireamh de dhuaisean a bhuannachadh thar an dà bhliadhna a dh’fhalbh, nam measg Duais Cuspair na Co-labhairt aig Co-labhairt Comann nam Mamalan Mara ann am Peairt, Astràilia an-uiridh, a’ cho-labhairt rannsachaidh mhamalan mara as motha air an t-saoghal.

’S e Tim, a chaidh ainmeachadh leis an stiùiriche aige, an Dr Denise Risch, a’ chiad oileanach iar-cheumnach a fhuair duais Oileanach na Bliadhna aig SAMS agus a-nis tha e cuideachd a’ toirt dhachaigh tiotal Oileanach na Bliadhna thar chàich aig UHI.

Thuirt e:

“Tha mi air m’ ùmhlachadh leis na duaisean seo a chosnadh oir tha mòran oileanaich air leth math am measg mo chomhaoisean agus air feadh an oilthighe.

“Tha e a’ ciallachadh uimhir dhomh gun deach m’ ainmeachadh leis na stiùirichean agam, a tha uile nan luchd-saidheans barraichte dha bheil mòr-spèis air a bhith agam. Tha e mìorbhaileach gu bheil creideamh aca anns na comasan agam agus anns an obair a tha mi a’ dèanamh.

“Tha e air`còrdadh rium gu mòr a bhith ag ionnsachadh aig SAMS. Tha a h-uile duine eòlach càch a chèile, agus mar sin tha co-obrachaidhean math a’ tachairt eadar diofar chuspairean saidheansail. Tha an t-àite foirfe dhòmhsa cuideachd, oir tha e freagarrach dha daoine mar mise a tha dèidheil air a bhith a-muigh.”

A bharrachd air na diofar dhuaisean a choisinn e, fhuair Tim moladh mòr bho luchd-obrach SAMS airson a’ chuibhrinn a chuir e ri coimhearsnachd nan oileanach iar-cheumnach agus airson a chomas teagaisg air a’ chùrsa ceuma BSc ann an Saidheans Mara.

Thuirt an Dr Risch:

“A bharrachd air a choileanaidhean acadaimigeach, na chuir e ri glèidhteachas ghnèithean mara agus an dìcheall air leth a rinn e na obair agus na leasachadh pearsanta fhèin, is e an nì a tha a’ dèanamh Tim dha-rìribh airidh air an duais seo, ’s e a sheasamh fìor agus deimhinneach a chuireas gàire air aodann gach neach aig a bheil an tlachd a bhith ag obair còmhla ris gach latha.

“Tha Tim air buaidh mhòr a thoirt air luchd-obrach is oileanaich aig SAMS agus UHI san fharsaingeachd a bharrachd air coimhearsnachd MASTS, ach tha e cuideachd air a bhith com-pàirteach le agus air buaidh dhearbhach a thoirt air iomadh buidheann neo-riaghaltais agus air coimhearsnachd glèidhteachais na h-Alba.”

Mar chluicheadair rugbaidh dìoghrasach, dh’fhuiling Tim droch leòntan coise ann an geama o chionn ghoirid, agus thuirt e gur e deagh bhrosnachadh a bh’ anns an duais dha agus e a’ leantainn air adhart leis an ath-shlànachadh aige.

Chuir e ris:

“Tha taic mhòr air a bhith agam bho choimhearsnachd SAMS, agus tha mi taingeil don NHS agus do Chlub Rugbaidh Latharna an Òbain airson an taic.”

Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI:

“Meal an naidheachd air Tim airson na h-aithne seo air a bheil e dha-rìribh airidh. Tha an rannsachadh, an dealas agus an tabhartas aige a thaobh glèidhteachas ga dhèanamh na thosgaire brosnachail do SAMS agus do chom-pàirteachas nas fharsainge UHI. Tha sgeulachd Tim a’ nochdadh tàlant, dìoghras agus seasmhachd ar coimhearsnachd oileanaich, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dha san àm ri teachd.”

Chaidh Tim a thaghadh mar Oileanach na Bliadhna thar chàich aig UHI le pannal breithneachaidh bho bhuannaichean fa leth Oileanach na Bliadhna uile air feadh com-pàirteachas UHI. Gheibhear na sgeulachdan aca gu h-ìosal: