UHI air a mheas mar an fheadhainn as fheàrr ann an Alba airson sàsachd oileanaich iar-cheumnach – an ceathramh bliadhna ann an sreath.

Tha oileanaich iar-cheumnach air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a mheas a-rithist mar an t-Oilthigh as fheàrr ann an Alba airson sàsachd iomlan nan oileanach ann an Suirbhidh Eòlas Teagaisg Iar-cheumnach 2025.

see full size image
A’ dol timcheall a’ ghleoc: Mia Lalanne, Lorenzo Di Bernardo agus Emma Stiùbhart.

Anns an sgrùdadh nàiseanta am-bliadhna, choilean UHI ìre riarachaidh iomlan de 91% – an ìre as àirde am measg oilthigh sam bith ann an Alba agus suas bho 88% an-uiridh. Tha seo cuideachd a’ cur UHI san 7mh àite san RA, a-mach à 102 ionad a tha a’ gabhail pàirt.

Air a cho-òrdanachadh le Advance HE, tha an t-Suirbhidh Eòlas Teagaisg Iar-cheumnach a’ toirt cuireadh do dh’oileanaich iar-cheumnach air an teagasg bho air feadh na RA, measadh a dhèanamh air an eòlas oileanach aca. Bha UHI cuideachd aig an ìre as àirde ann an Alba ann an trì roinnean eile: teagasg (90%), measadh (90%) agus com-pàirteachadh (87%).

Choilean gach aon de na cùrsaichean a leanas sgòr riarachaidh iomlan foirfe de 100%:

  • MSc ann an Cleachdaiche Altramachd Adhartach
  • MA ann an Ealain Cho-aimsireil agus Àrc-eòlas
  • MA ann an Slàinte is Sunnd
  • MLitt ann an Eachdraidh
  • MSc ann an Iompachadh Saidhc-eòlais
  • MSc ann an Leasachadh Bheanntan Seasmhach
  • Teisteanas Teagaisg PGCert ann am foghlam adhartach

Thuirt an t-Ollamh Keith Smyth, Deadhan Ionnsachaidh, Teagaisg agus Oileanaich:

“Tha sinn air leth toilichte, airson a’ cheathramh bliadhna an dèidh a chèile, gu bheil an t-oilthigh againn air a bhith sa chiad àite ann an Alba airson sàsachd oileanaich iar-cheumnach a tha air an teagasg. Tha na toraidhean seo a’ nochdadh dìcheall leantainneach ar luchd-obrach agus neart na taice a tha sinn ag amas air a thabhann do gach neach-ionnsachaidh, a’ gabhail a-steach an raon de dhòighean sa bheil sinn a’ toirt seachad agus ag obair còmhla ri ar n-oileanaich iar-cheumnach. Tha sinn fhathast dealasach a thaobh foghlam iar-cheumnach sùbailte, àrd-inbhe a lìbhrigeadh a choinnicheas ri feumalachdan eadar-mheasgte ar n-oileanach, ge bith càite a bheil iad stèidhichte agus ge bith ciamar a bhios iad ag ionnsachadh còmhla rinn.”

Thuirt Xander McDade, Ceann-suidhe Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA):

“Aig HISA, tha sinn a’ creidsinn ann an cumhachd guth nan oileanach. Tha an coileanadh iongantach seo a’ sealltainn nuair a bhios oileanaich a’ roinn am beachdan, gu bheilear a’ coinneachadh ris na feumalachdan aca – a’ leantainn gu eòlas foghlaim atharrachail. Tha e a’ togail air ar buidheann oileanaich eadar-mheasgte agus air an luchd-obrach thaiceil a tha a’ cruthachadh àrainneachd ionnsachaidh cho-obrachail agus ùr-ghnàthach, a’ dèanamh UHI na àite air leth math airson ionnsachadh.”

Tha prògraman iar-cheumnach UHI a’ nochdadh àrainneachd, cultar agus dualchas na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Mhoireibh agus Pheairt, agus gu tric bidh iad ceangailte ri rannsachadh ùr-nodha le luchd-obrach agus oileanaich. Tha cùrsaichean air an teagasg gu h-ionadail air feadh àrainnean com-pàirteach acadaimigeach UHI agus ionadan ionnsachaidh, ionadan teagaisg speisealta is ionadan rannsachaidh agus tha mòran dhiubh rim faighinn airson ionnsachadh air-loidhne air feadh an t-saoghail cuideachd.

Thuirt Mia Lalanne, às An Apainn, a cheumnaich le MSc ann an Coimhearsnachdan Net Zero bho UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall:

“Bha mi airson dreuchdan atharrachadh agus thàinig mi tarsainn air a’ chùrsa seo air-loidhne agus shaoil mi gun robh e a’ coimhead math. Nuair a chuir mi fios chun an stiùiriche prògraim, bha am freagairt aice do-chreidsinneach - chunnaic i mi mar neach le comas agus dh’fhosgail i an doras gu foghlam àrd-ìre dhomh, cothrom do am bi mi taingeil gu bràth.

“Bha an cùrsa aig ìre cruinne, agus bha an luchd-obrach iongantach. Thug e dhomh an t-sùbailteachd, am misneachd agus an taic gus sgrùdadh a dhèanamh air na rudan a bu chudromaiche dhomh. Tha obair agam a-nis air a bheil gaol agam, agus cha bhiodh e comasach às aonais UHI agus an t-eòlas, an lìonra, na sgilean rannsachaidh agus a’ mhisneachd a thug am Maighstireachd dhomh.”

Thuirt Lorenzo Di Bernardo, a tha à Sardinia san Eadailt an toiseach, agus a tha a-nis a’ fuireach ann am Fìobha, ag ionnsachadh airson MSc ann an Anailis Dàta Gnìomhaichte aig UHI Inbhir Nis, agus thuirt e:

“Bha an MSc ann an Anailis Dàta Gnìomhaichte na dheagh roghainn dhomh mar dhuine 31 bliadhna a dh'aois, agus a’ coimhead ri ath-thrèanadh agus fuireach buntainneach ann am margaidh obrach a bha ag atharrachadh. Fhuair mi prògram UHI fìor èifeachdach ann a bhith gam chuideachadh le bhith a’ togail nan sgilean a bha a dhìth orm. Bha cruth an ionnsachaidh air astar deatamach, oir bha e a’ ciallachadh gun robh mi comasach air cumail a’ dol ag obair làn-ùine. Leig an t-sùbailteachd sin leam gluasad gu dreuchd dhidseatach, far a bheil mi a-nis a’ cleachdadh nan sgilean bho mo chuid ionnsachaidh a h-uile latha.

“Leig structar taiceil UHI leam m’ amasan proifeasanta agus mo dhìoghras cruthachail a leantainn, a’ gabhail a-steach obair bho àm gu àm mar neach-taisbeanaidh Tbh, agus foillseachadh a’ chiad leabhair agam. Tha mi taingeil gun d’ fhuair mi cùrsa agus ionad a chuidich mi le mo chuid foghlaim adhartachadh gun a bhith ag ìobairt mo chùrsa-beatha no mo gheallaidhean pearsanta.”

Thuirt Emma Stewart, ceumnaiche MBA Rianachd Gnothachais (Gnìomha) bho UHI Pheairt:

“Chòrd an cùrsa rium gu mòr, bha na modalan inntinneach agus ceangailte gu dìreach ri m’ obair, agus thug sin air a h-uile càil a bhith a’ faireachdainn buntainneach. Bha an luchd-obrach cho taiceil agus tuigseach, gu h-àraidh fios againn gu robh mòran againn a’ cumail suas obraichean làn-ùine ri taobh ionnsachadh. Rinn an teagasg sùbailte agus na seiseanan cunbhalach air-loidhne e furasta a riaghladh. Tha an teisteanas seo na bhuannachd mhòr don CV agam, agus tha na sgilean a fhuair mi, gu h-àraidh a thaobh ro-innleachd agus ceannardas, air misneachd a thoirt dhomh an ath cheum nam chùrsa-beatha a ghabhail.”

➕ Tha àiteachan rim faighinn airson inntrigeadh san t-Sultain 2025. Gus tagradh a dhèanamh no tuilleadh fhaighinn a-mach, tadhail air: liosta chùrsaichean UHI.

➕ Tha tuilleadh fiosrachaidh mun t-Suirbhidh Eòlas Teagaisg Iar-cheumnach ri fhaighinn bho Advance HE website.