UHI sa chiad àite ann an Alba airson altramas an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2025
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) an dèidh bhith air aithneachadh a bhith sa chiad àite an Alba airson riarachadh oileanaich ann an altramas inbhich agus san dàrna àite airson altramas slàinte inntinn an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (SNO) 2025.
Fhuair UHI ìre riarachaidh thar cheann air leth de 92% airson nam prògraman altramas inbhich is slàinte inntinn aige le chèile*, rud a bha gu math na b’ àirde na cuibheasachd na h-earrainn an Alba agus air thosieach air oilthighean eile a tha a’ tairgsinn phrògraman altramais air feadh na h-Alba.
Tha an soirbheachadh seo a’ tighinn an dèidh an treubhais a rinn UHI thar cheann an SNO 2025, far an deach a rangachadh sa 4mh àite ann an Alba airson riarachadh oileanaich thar cheann tarsainn nan cuspairean air fad – an rangachadh as àirde a fhuair e riamh.
Bidh an SNO bliadhnail a’ trusadh bheachdan o oileanaich sa bhliadhna mu dheireadh aca air feadh na RA air diofar eileamaidean de na dh’fhiosraich iad a thaobh ionnsachaidh. Tha na toraidhean air leth aig UHI a’ freagairt air mathas an ullachaidh aige ann an altramas, agus cho dealasach is a tha e gun soirbhich oileanaich, agus oileanaich a’ rangachadh an oilthigh gu h-àrd a thaobh càileachd an teagaisg, taic acadaimigeach agus goireasan ionnsachaidh.
Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal is Iar-Sheansalair UHI:
“Tha na toraidhean seo a’ soilleireachadh dealas agus sàr-eòlas an luchd-obrach againn. Tha altramas aig cridhe is cuislean ar coimhearsnachdan, is tha sinn bròdail gu bheil na h-oileanaich againn ag aithneachadh luach an fhoghlaim agus na taice a tha iad a’ faotainn aig UHI.”
Thuirt an t-Àrd-Ollamh Nicola Carey, Ceannard an Ionaid airson Saidheansan Slàinte Dhùthchail:
“Tha sinn anabarrach toilichte gun do choisinn sinn an sgòr a b’ àirde ann an SNO airson a’ phrògraim altramais againn. Tha seo na theist air dealas agus proifeiseantachd an luchd-obrach againn, dìorras agus ainteas nan oileanach againn, agus an co-obrachadh làidir a th’ againn ri ar com-pàirtichean ionadail ann an cùram slàinte.
“Tha an toradh seo a rèir a’ mhisein choitchinn a th’ againn a bhith ag ullachadh luchd-altraim a bhios chan ann a-mhàin barraichte gu clionaigeach ach cuideachd air an uidheamachadh leis na sgilean is an tuigse a bhith a’ solar fheuman choimhearsnachdan eugsamhail air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, biodh sin ann an suidheachaidhean bailteach, iomallach no dùthchail.”
Bidh prògraman altramais UHI air an liubhairt an co-bhoinn ri bùird slàinte is solaraichean cùraim ionadail air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus iad a’ toirt gnàth-eòlas luachmhor do dh’oileanaich is gam fàgail ann an deagh shuidheachadh a thaobh so-fhastachd.
Tha tagraidhean airson inntrigeadh ann an Sultain 2025 fhathast fosgailte. Airson tuillidh fiosrachaidh mu bhith ag ionnsachadh altramas aig UHI agus a chur a-steach, tadhlaibh air: uhi.ac.uk/nursing
*Tha na toraidhean stèidhichte air ceist 28 (riarachadh thar cheann) airson Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (SNO) 2025, ann an cuspair ‘altramas inbhich’ am measg sholaraichean ann an seata dàta na h-Alba.