Guth Eileanach Thormoid MhicGill-Eain

Tha caibideil air “Guth Eileanach” Thormoid MhicGill-Eain le manaidsear ChIALL mar phàirt de leabhair ùir a th’ air tighinn a-màch bhon Language Science Press, air a bheil “Foundational approaches in Celtic Linguistics”.

see full size image
Gordon Wells. 2025. Guth thormoid: the “island voice” of Norman Maclean. In Andrew Carnie, Diane Ohala, Dee Hunter, Samantha Prins, Michael Hammond & Luis Irizarry (eds.), Foundational approaches to Celtic linguistics, 471–493. Berlin: Language Science Press.

Tha a’ chaibideil seo a’ toirt sùil air na diofar chlàraidhean a rinn Tormod airson pròiseact Guthan nan Eilean, agus gu h-àraid air na còmhraidhean deireannach a chaidh a chlàradh sa Ghiblean 2016 airson “Saoghal Thormoid”, far an do bhruidhinn e air na cuimhneachan a bh’ aige air a bheatha dhà-chànanach bho mheadhan an Fhicheadamh Linn a-mach.

Cuide ri cunntas beòthail air beatha nan Gàidheal aig àmannan cugallach airson an cànan, tha toraidhean a bharrachd ris nach robh dùil an toiseach a’ tighinn a-mach às an dòigh-obrach chànanach aig Guthan nan Eilean.

DOI: https://zenodo.org/records/15654881