NATECLA 2025

Chaidh am pròiseact aig Guthan nan Eilean, “Multilingual Memories: Birmingham 1984”, a thaisbeanadh le taic bho ChIALL aig co-labhairt bhliadhnail NATECLA, a’ Chomann Nàiseanta airson Beurla agus Cànanan Coimhearsnachd Eile a Theagasg do Dh’inbhich, a chaidh a chumail aig Oilthigh Aston air an 27mh agus an 28mh Ògmhios.

see full size image
Tha riochdairean a’ phròiseict Harmesh Manghra (a’ chiad fhear air an taobh chlì) agus Sardul Dhesi (an dàrna fear bhon làimh dheis) còmhla ri co-chathraiche NATECLA, Paul Sceeny, agus an t-urrasair Mary Osmaston.

Thar nam bliadhnaichean, tha NATECLA air a bhith ag argamaid gu cunbhalach airson aire iomchaidh a thoirt do na cànanan eile a thathas a’ cleachdadh san RA a bharrachd air Beurla. Le bhith a’ leantainn sgeulachdan beatha luchd-obrach Industrial Language Training mar aon eisimpleir, tha am bhidio aithriseach aig Guthan nan Eilean a’ neartachadh a’ phuing gu bheil iomadachd cànain a-nis air a stèidheachadh gu follaiseach, eadhon ann an Sasainn, agus gu bheil e riamh air a bhith ann gu nàdarra air feadh na RA.

Le còdan QR air an cur a-steach don phostair taisbeanaidh, a bharrachd air bileag airson gach aon de na 350 pasgan airson luchd-frithealaidh na co-labhairt, b’ urrainn  dhaibh fear sam bith de na 22 clàradh fhaicinn anns na 13 cànanan eadar-dhealaichte sa chruinneachadh, air na h-innealan aca fhèin agus aig an àm a b’ fhasa dhaibh. Le urrasair NATECLA, Mary Osmaston, cuideachd a’ ruith bùth-obrach air cleachdadh chànanan eile ann an seòmar-chlas na Beurla, b’ e cothrom air leth iomchaidh a bh’ ann cuid de na cànanan sin a thaisbeanadh tro na clàraidhean aig Guthan nan Eilean.